Treas Sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu

Leas Phrìomh Mhinistear air £1.9 millean de mhaoineachadh ainmeachadh dhan phròiseact.

Thèid sgoil Ghàidhlig ùr, an treas ann an Glaschu, a dh’fhosgladh, am measg iarrtas airson àitichean a tha a’ sìor fhàs.

Bheir seo dhan ùghdarras ionadail an comas barrachd sgoilearan a ghabhail a tha ag iarraidh foghlam tron Ghàidhlig (FtG) sna bliadhnaichean a tha romhainn, agus cothroman ionnsachaidh nas fheàrr a thoirt do dhaoine òga. Bidh an sgoil ùr stèidhichte ann an sgìre Cartvale sa bhaile, agus thathar an dùil gum fosgail i do sgoilearan ann an 2019.

Tha cha mhòr 900 sgoilear a-nis clàraichte sna sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu aig Gleann Dàil agus Sràid Berkeley, agus an dà sgoil a-nis cho làn ’s a ghabhas.

A’ bruidhinn às dèidh deasbad mu dheidhinn am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23, thuirt Leas Phrìomh Mhinistear John Swinney:

“Tha fàs ann am foghlam Gàidhlig air a bhith gu math soirbheachail air feadh Alba, agus tha an cothrom againn a-nis an soirbheachas sin a thoirt air adhart nas luaithe. Tha Comhairle Baile Ghlaschu air a bhith na fìor dheagh eisimpleir a thaobh foghlam Gàidhlig, agus le bhith stèidheachadh treas sgoil Ghàidhlig fa leth, faodaidh iad an cothrom a thoirt do bharrachd phàrantan a tha ag iarraidh foghlam Gàidhlig dhan chlann aca.  Dh’fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh an t-seachdain sa chaidh – an t-siathamh sgoil den t-seòrsa ann an Alba – agus a’ dol air adhart cumaidh sinn ar taic agus brosnachadh ri fàs ann am foghlam Gàidhlig.”

Chuir Chris Cunningham, Neach-gairm a’ Bhaile airson Foghlam, Sgilean & Tràth-bhliadhnaichean fàilte air a’ mhaoineachadh, ag ràdh:

“Thig brosnachadh mòr bhon leudachadh ann am foghlam tron Ghàidhlig air feadh Ghlaschu, agus bidh an cothrom aig barrachd theaghlaichean na bh’ ann riamh an cothrom fhaighinn air Gàidhlig airson an cuid cloinne aig gach ìre, bho sgoil-àraich suas gu àrd-sgoil.

“Thèid an ath-thaigh, san togalach far am b’ àbhaist do Sgoil Cartvale a bhith, a leasachadh mar eisimpleir eile de ar dealas leantainneach ri FtG agus tha sinn a’ cur fàilte air a’ mhaoineachadh a bharrachd seo airson leasachaidhean agus ath-nuadhachaidhean airson gun urrainn dhuinn an togalach sgoile ùr fhosgladh san Lùnastal 2019.”

Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach ann ann an Alba san àm ri teachd, agus miann-adhartais aca gun till an àireamh de luchd-labhairt ann an cunntas-sluaigh 2021 ris an ìre a bh’ ann an 2001.

Cùl-fhiosrachaidh

Thig am maoineachadh bho Mhaoin Calpa na Gàidhlig, a chaidh a stèidheachadh ann an 2008 airson aithne a thoirt dhan dreuchd sònraichte a th’ aig foghlam ann a bhith ag àrdachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig.

Tha am Maoin air taic a thoirt do leudachadh ann am foghlam Gàidhlig aig gach ìre air feadh Alba, gu pròiseactan ann an Dùn Èideann, Earra-ghàidheal is Bòid, na h-Eileanan Siar, a’ Ghàidhealtachd, Glaschu, Siorrachd Àir a Deas Siorrachd Àir an Ear, Siorrachd Àir a Tuath, Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear, Siorrachd Lannraig a Tuath, agus Siorrachd Lannraig a Deas.

 

Third Glasgow Gaelic School

Deputy First Minister announces £1.9 million investment in project.

A third Gaelic school is to open in Glasgow as demand for places continues to grow.

Increased capacity will ensure the local authority can meet demand for Gaelic medium education (GME) in coming years and improve learning opportunities for young people. The new school will be located in the Cartvale area of the city and it is expected to open to pupils in 2019.

Nearly 900 pupils are enrolled in Glasgow’s two existing GME schools at Glendale and Berkeley Street – both of which are now at capacity.

Speaking following a debate on the National Gaelic Language Plan 2018-23, Deputy First Minister John Swinney said:

“We have an opportunity to build on the success of recent years and to ensure a faster rate of progress in the expansion of Gaelic education across Scotland. Glasgow City Council has a remarkable record with Gaelic education and the establishment of a third standalone school will provide capacity to meet growing demand from parents. Following the opening of Portree Gaelic School last week – the sixth in Scotland – we will continue to support and encourage the growth of Gaelic education.”

Chris Cunningham, City Convener for Education, Skills & Early Years welcomed the grant funding and said:

“The expansion of Gaelic Medium Education across Glasgow is very exciting and more families than ever before are able to access Gaelic for their children and at all stages through nursery to secondary school.

“The development of the former Cartvale School is yet another example of our continued commitment to GME and we welcome the additional grant which will go towards the upgrades and renovations for the opening of the new school building in August 2019.”

 Background

Funding will be provided from the Gaelic Capital Fund which was set up in 2008 in recognition of the key role of education in increasing the number of Gaelic speakers.

The Scottish Government is committed to ensuring a sustainable future for Gaelic and has an ambition of returning the number of speakers of the language to those reported in the 2001 census by 2021.

Contact

Media enquiries

Back to top