Skip to main content

16/10/13 10:47

Deagh naidheachd airson Craoladh Gàidhlig

£350,000 mu choinneamh leasachaidhean.

Gheibh MG ALBA - Seirbheis Nàiseanta nam Meadhanan Gàidhlig - tabhartas £350,000 a bharrachd am bliadhna.

Mus fosgail tachartas MG ALBA aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig, dh’innse Alasdair Allan, am Ministear airson Cànain na h-Alba, gun buannaich an Hub ùr aig MG ALBA ann an Steòrnabhagh bho £300,000 a bharrachd.

Theid maoineachadh eile mu choinneamh leasachaidhean phrògraman agus mar sin gheibh MG ALBA – aig a bheil uallach airson BBC ALBA, co-fharpais FilmG agus làrach-lìn LearnGaelic.net – cothrom an cuid soirbheachadh a chumail a’ dol.

Thuirt an Dotair Allan: “Tha àireamhan luchd-labhairt ann an coimhearsnachdan Gàidhealach agus Gallda air a bhith fàs gu cunbhallach agus tha seo na dheagh chomharra air an ùidh a th’aig daoine anns a’ chànan agus tha sin fiuth mus do dhearbh figearan an cunntas sluaigh gu bheil lùghdachadh air tighinn air mar a tha àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a’ dol sìos.

“Tha dealas agus miann aig luchd-obrach agus buill a’ bhùird aig MG ALBA agus BBC ALBA ag obair gu math. Nuair a thòisich BBC ALBA air Freeview ’s e 500,000 an luchd-amais sònraichte a bha iad ri fhaighinn ach tha iad a-nis a’ tàladh 600,000 gach seachdain. A bharrachd air a sin, ann an 2012-13 bha corr is 4.1 millean program bho BBC ALBA air a choimhead air an iPlayer, àrdachadh de 86% bhon bhliadhna roimhe sin.

Tha MG ALBA air mòran a choileanadh agus tha mi mothachail gu bheil planaichean ann airson prògram drama ùr a’ leasachadh, tuilleadh phrògraman chloinne agus aithriseachdean, ceòl agus spòrs.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Ceannard MG ALBA:

“Tha sinn uabhasach taingeil airson an taic a tha sinn a’ faighinn bho Riaghaltas na h-Alba agus bidh maoin a bharrachd a tha seo na adhartas airson na pròiseactan againn, gu h-àraid Gnìomhachais Chruthachail agus an Aonad Mheadhanan a tha air grunnd bhuannachdan a thoirt gu BBC ALBA agus daoine eile air feadh na h-Eileanan an Iar.

“Bho 2008, nuair a thòisich BBC ALBA agus FilmG, tha MG ALBA air strì airson còm-pàirteachais airson a’ chuid as motha fhaighinn bho na goireasan a tha againn. Tha LearnGaelic.net – còm-pàirteachas eadar sinn fhèin, Bòrd na Gàidhlig, BBC, agus Sabhal Mòr Ostaig – air a bhith soirbheachail airson dà bhliadhna a-nis agus na dheagh èisimpleir den seo.

“Airson BBC ALBA tha còm-pàirteachais le diofar bhuidhnean, gu h-àraid Alba Chruthachail, air leigeil oirnn toiseachadh air prògram drama ùr, Bannan. Tha sinn misneachail mun phrògram seo agus e cheum eile airson an t-sianal a thòisich coig bliadhna air ais.

Tha taic bho Riaghaltas na h-Alba air a bhith uabhasach cudromach dhuinn airson prògraman a chruthachadh agus structair freagarrach a chur air dòigh. Leis a seo tha sinn dòchasach gun urrainn MG ALBA, ann am còm-pàirteachas le Riaghaltas na h-Alba, cuideachadh agus taic a thoirt gu tàlant chruthachail, na meadhanan agus Gàidhlig ann an Alba.

Fiosrachadh

MG ALBA - http://www.mgalba.com/

FilmG - http://filmg.co.uk

LearnGaelic.net - http://learngaelic.net/


October 16, 2013

Good news for Gaelic broadcasting

£350,000 will support continued development.

National Gaelic media service MG ALBA will receive an additional investment of £350,000 this year.

Ahead of his appearance at the MG ALBA event at the Royal National Mòd in Paisley, Minister for Scotland’s Languages Alasdair Allan announced that their new media hub in Stornoway will benefit from £300,000 investment.

With the remaining £50,000 going into programme development, MG ALBA – which is responsible for BBC ALBA, the FilmG short-film competition and is a partner in the LearnGaelic.net website – will be able to build on its recent success.

Dr Allan said: “BBC ALBA’s viewing figures among Gaelic and non-Gaelic communities have continued to build and have long been an encouraging indicator of the interest in the language – even before the latest census figures showed that the decline in speakers has been dramatically slowed.

“This commitment and ambition of the board and staff of MG ALBA and BBC ALBA is paying off. When it launched on Freeview in 2011 BBC ALBA had an audience target of 500,000 but is now regularly reaching an audience of 600,000 each week. On top of that, more than 4.1 million views of BBC ALBA programmes were watched on iPlayer during 2012-2013, an 86 per cent increase on the previous year.

“MG ALBA has achieved some impressive milestones and I know there are ambitious plans going forward for the development of more quality drama, an increase in children’s programming and continuing to be a champion for documentaries, music and sports that this investment will support.”

Donald Campbell, chief executive of MG ALBA, added:

“We are extremely grateful for the continuing support of the Scottish Government and this additional funding will provide a boost to many of the projects that we lead, particularly the Creative Industries and Media Centre which has benefitted BBC ALBA and many others involved in the media throughout the Western Isles.

“Since 2008, when BBC ALBA and FilmG launched, MG ALBA has strived to build partnerships to achieve the maximum output with the resources we have. The launch of LearnGaelic.net in 2011 demonstrated this – a partnership between us, Bòrd na Gàidhlig, BBC, the Board of Celtic Studies Scotland and Sabhal Mòr Ostaig – and has been a significant success over the last two years.

“For BBC ALBA, collaboration with a range of partners, most notably Creative Scotland, has allowed us to start work on a new drama for viewers, Bannan. We are excited about this pilot series and it is another step forward for the channel as we celebrate five years in existence.

“The support of the Scottish Government has been instrumental in allowing us to develop these projects and the infrastructure we need to deliver them. In doing so, we hope that MG ALBA, in partnership with the Scottish Government, can help Scotland’s creative talent, indigenous media and Gaelic language to flourish.”

Background

MG ALBA - http://www.mgalba.com/

FilmG - http://filmg.co.uk

LearnGaelic.net - http://learngaelic.net/