£500k airson ionad nam meadhanan Gàidhlig

LPM ag ainmeachadh maoineachadh airson goireasan stiùidio a leasachadh an Steòrnabhagh

Tha seirbheis nam meadhanan Gàidhlig ann an Alba air £500,000 fhaighinn bho Mhaoin Calpa na Gàidhlig.

Cleachdaidh MG ALBA an tabhartas seo airson Stiùidio Rathad Shìophoirt a leasachadh gus am bith goireasan nas fheàrr aca airson prògraman a dhèanamh, a thèid an cleachdadh gus barrachd trèanaidh a thoirt seachad anns na meadhanan cruthachail didseatach, ionnsachadh, na h-ealain agus dualchas cultarail.

Leis am maoineachadh, faodaidh MG ALBA, aig a bheil dleastanas airson sianal BBC ALBA an com-pàirteachas leis a’ BhBC, prògram trèanaidh a leasachadh airson dhaoine òga le ùidh ann a bhith ag obair sna meadhanan.

Thuirt Leas Phrìomh Mhinistear John Swinney:

“Tha mi air a bhith air leth toilichte leis an lèirsinn agus an dealas aig MG ALBA, agus mar sin tha na thlachd dhomh am maoineachadh seo a thoirt dhaibh airson an gnìomhachd ann an Steòrnabhagh.

“A bharrachd air a’ bhith a’ cur ri amasan an riaghaltais seo airson na Gàidhlig, bheir am maoineachadh seo sochairean eaconamach do dh’Eilean Leòdhais, agus cothroman do dhaoine òga le ùidh ann a bhith ag obair sna meadhanan. Tha e cuideachd ag aithneachadh an dreuchd chudromach a th’ aig na h-ealain agus na meadhanan ann a bhith a’ cur a’ Ghàidhlig air adhart mar chànan beò a tha air a cleachdadh gach là.”

Thuirt Cathraiche MG ALBA Magaidh Choineagan:

“Tha MG ALBA air leth toilichte taic a bharrachd mar seo fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba. Tha gnìomhachas telebhisean Gàidhlig na bhuannachd eaconamach don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus tha an taic maoineachaidh seo a’ cur an coimeis an cothrom airson tuilleadh susbaint de dh’àrd-chàileachd agus bithidh e na chuideachadh airson leasachadh sgilean, trèanadh agus goireasan am broinn roinn nam meadhanan.”

Cùl-fhiosrachaidh

Tha Maoin Calpa na Gàidhlig ag amas gus iarrtas airson na Gàidhlig air feadh Alba a choileanadh. Bhon a chaidh a stèidheachadh chuidich e ann an lìbhrigeadh fàs anns gach ìre de dh’fhoghlam Gàidhlig air feadh Alba agus air taic a thoirt do phròiseactan Gàidhlig mar Ionad Chaluim Chille Ìle.

Chaidh BBC ALBA a stèidheachadh san t-Sultain 2008 agus chaidh i beò air Freeview san t-Ògmhios 2011.

Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig san àm ri teachd, le àrd-amas gun till an àireamh a tha ga bruidhinn ris an ìre a chaidh a chlàradh ann an cunntas-sluaigh 2001 ro 2021.

 

£500k for Gaelic media hub

DFM announces funding to develop studio facilities in Stornoway.

Scotland’s Gaelic media service has been awarded £500,000 from the Gaelic Capital Fund.

MG ALBA will use the investment to redevelop the Seaforth Road Studio in Stornoway to provide improved facilities for programming which will be used to increase training in creative digital media, learning, arts and cultural heritage.

Funding will enable MG ALBA, which operates BBC ALBA in partnership with the BBC, to develop a training programme for young people with an interest in working in the media.

Deputy First Minister John Swinney said:

“I have been very impressed with MG ALBA’s ongoing vision and commitment and I am pleased to announce this investment in its Stornoway operations.

“As well as supporting this government’s aims for the Gaelic language, the funding will bring economic benefits for the Isle of Lewis and create opportunities for young people interested in a career in the media. It also recognises the important role of arts and media in promoting Gaelic as a living language used by people every day.”

Chair of MG ALBA Maggie Cunningham said:

“MG ALBA are delighted to receive this additional support from the Scottish Government. The Gaelic television industry continues to be an impressive economic driver in the Highlands and Islands and this funding will enable further great content and will help facilitate development in skills, training and facilities within the media sector”.

Background

The Gaelic Capital Fund aims to help meet demand for Gaelic across Scotland. Since its inception it has helped deliver the expansion of all stages of Gaelic education across Scotland and supported Gaelic projects such as the Islay Gaelic Centre. 

BBC ALBA launched in September 2008 and went live on Freeview in June 2011.

The Scottish Government is committed to ensuring a sustainable future for Gaelic and has an ambition of returning the number of speakers of the language to those reported in the 2001 census by 2021. 

Contact

Media enquiries

Back to top