Skip to main content

30/12/13 00:01

Ionnsachadh Ùr an Irbhinn

Aonad cultarail a’ tairgse Gàidhlig son òigridh agus teaghlaichean.

English text below.

Bidh clasaichean Gàidhlig son clann òg stèidhichte ann an aonad chultair adhartach ùr ann an Talla-Bhaile eachdraidheil Irbhinn ann an Inbhir Àir a Tuath le maoin £50,000 bho Riaghaltas na h-Alba, dh’fhoillsich am Ministear airson Cànain na h-Alba an-diugh.

Dhearbh Alasdair Allan gun cleachd Comhairle Inbhir Àir a Tuath an taic airson clasaichean tràth-bhliadhnaichean agus clasaichean eile anns an aonad am meadhan a’ bhaile, a tha a’ dol a dh’fhosgladh ann an 2015.

Thuirt e:

“Leis an airgead seo togaidh Comhairle Inbhir Àir a Tuath air an obair fìor mhath aca le clasaichean Gàidhlig aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean. Bidh Bookbug na Gàidhlig na phàirt tharraingeach de na clasaichean agus tha cothrom an seo do phàrantan barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu dhòighean anns an tèid aca air taic a chumail rin cuid chloinne mar a tha iad ag ionnsachadh.

“Air feadh Alba, tha sinn air a bhith soirbheachail a’ misneachadh dhaoine chun na Gàidhlig, gu h-àraidh a-measg òigridh. Tha seo air sgàth a bhith a’ freagairt air iarrtasan phàrantan agus cuideachd a bhith a’ tarraing deagh thidsearan gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

“Ma tha sinn a’ dol a chumail oirnn le ar taic do luchd-cleachdaidh ùr agus òg, tha feum air goireasan agus tàlant a chur far am bi cothroman ionnsachaidh. Tha mi cinnteach gun toir na clasaichean ùr ann am meadhan a’ bhaile barrachd chothroman do chloinn òg agus teaghlaichean tòiseachadh, agus cumail orra, anns an sgoil le sgilean Gàidhlig.”

Thuirt an Comhairliche Alean Hill, Les Cheannbhair Comhairle Inbhir Àir a Tuath:

“Mar ùghdarras ionadail a tha a’ frithealadh raon farsaing de chultaran, tha e cudromach dhuinn a bhith a’ leasachadh ar taic dhan Ghìdhlig. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan, Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean nàiseanta a dhèanamh cinnteach gun tèid againn air a bhith a’ togail ùidh anns a’ Ghàidhlig agus gum bi sinn a’ misneachadh dhaoine gu bhith a’ togail agus a’ cleachdadh cànain ann an dòighean a tha ùr agus tarraingeach.

“Thèid Gàidhlig a chur an-lùib ar cuid-obrach ann an Talla a’ Bhaile agus bidh a’ chiad chomharradh air sin follaiseach gu leòr tro na soighnichean a bhios a’ cuartachadh an leasachaidh. Tha seo na fhìor dheagh naidheachd mar as urrainn dhuinn a-nis dearbhadh gum bi clasaichean Gàidhlig do chloinn is teaghlaichean nam pàirt cudromach dhen phrògram cultarail againn.

Tha seo cuideachd a’ tighinn nuair a tha sinn an impis coluadar a chumail air an dreachd Plana Gàidhlig againn, agus taobh-staigh sin bidh molaidhean a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha ar taic dhan Ghàidhlig, air a bheil sinn a’ togal leis an leasachadh seo na bhunait gu math làidir mu choinneimh a’ chiad Phlana Gàidhlig agus a’ dearbhadh cho misneachail sa tha sinn gum bi sinn soirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ misneachadh suidheachadh na Gàidhlig air feadh Inbhir Àir a Tuath.”

New Gaelic learning in Irvine
Cultural centre will offer Gaelic for young children and families.

Gaelic classes for young children will be held in an ambitious new cultural centre in

Irvine's historic Town House, with Scottish Government funding of £50,000, the

Minister for Scotland’s Languages said today.

Alasdair Allan confirmed the investment would be used by North Ayrshire Council to offer early years and other classes at the town centre venue – which is due to open in 2015.

He said:

“This £50,000 investment will allow North Ayrshire Council to build on its good record of developing an exciting programme of Gaelic language acquisition with early years. Gaelic Bookbug will be a popular and highly enjoyable part of classes and parents will be able to find about more about Gaelic language and culture to support their children as they learn.

“Across Scotland, the greatest success we are having in encouraging more Gaelic speakers is amongst young people. It is the result of meeting the demand from parents and attracting good teachers to Gaelic medium education to bring lessons to life.

“If we are to be able to continue to support a growth in new, younger speakers we need to have the combination of talent and resources for them to learn in. I am sure that the new classes at the town centre will mean that more opportunities for young children and families to start them on a school journey that continues to include Gaelic skills.”

Councillor Alan Hill, Depute Leader of North Ayrshire Council said:

“As a local authority which serves a diverse range of cultures, we are committed to developing our Gaelic language provision. We are looking forward to working together with communities, Scottish Government and national agencies to ensure that we increase and encourage interest in Gaelic culture and promote the increased acquisition and use of language in ways which are proactive and innovative.

“Gaelic will be integrated into the new Town House and the very first sign of our commitment is the inclusion of Gaelic on the hoardings surrounding the renovation site. It is really good news to be able to say that Gaelic language classes for our children and families will be a significant part of our new cultural programme.

“This announcement comes as North Ayrshire Council is about to commence a widespread public consultation on its draft Gaelic Language Plan, including its approach to Gaelic medium education. The strong tradition of Gaelic language provision, further developed by this investment, provides a firm foundation for the first Gaelic Language Plan and shows our confidence that we will be successful in developing and promoting Gaelic throughout North Ayrshire.”