Rural and Islands Housing Action Plan

Delivering more homes in rural and island areas.

A new Rural and Islands Housing Action Plan will support the Scottish Government’s commitment to deliver 110,000 affordable homes by 2032, with 10% in rural and island areas.

The plan brings together the public and private sector working with local communities to deliver more homes where they are needed and help drive sustainable economic growth.

Commitments include:

  • supporting affordable and community-led housing delivery
  • bringing more empty homes back into use
  • providing more homes for key workers
  • commissioning research on affordable home ownership in rural and island areas
  • addressing challenges with construction supply chains, skills and capacity

Housing Minister Paul McLennan said:

“The Rural and Islands Housing Action Plan includes a range of commitments which will be taken forward with public and private sector partners to deliver the right homes in the right places, generate sustainable local economic growth and help rural and island communities to thrive.

“This plan supports Scotland’s long term housing strategy Housing to 2040 and will help bolster the commitment to deliver 110,000 affordable homes up to 2032, of which 70% will be for social rent and 10% in rural and island areas. It has been informed by extensive engagement with a wide range of organisations representing rural and island housing interests. 

“Despite the challenges we face due to Brexit and high inflation, this plan demonstrates our continued commitment to supporting families, communities and businesses, and to unleashing the full economic potential of our rural and island areas.”

Background

Rural and Islands Housing Action Plan

The plan recognises that Community-Led Housing plays an important role in our broad approach to deliver more affordable homes in rural and island areas.

The Scottish Government recently announced package of financial support, co-funded with Nationwide Foundation, of up to £960,000 over the period 2023-24 - 2025-26 to support the staff capacity and expertise across Communities Housing Trust and South of Scotland Community Housing to take forward affordable housing projects.

 

Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach

Barrachd dhachaighean ann an sgìrean dùthchail is eileanach.

Cuidichidh Plana Gnìomh ùr airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach le bhith a’ coileanadh a’ gheallaidh aig Riaghaltas na h-Alba gus 110,000 dachaigh ùr aig prìs reusanta a thogail no a thabhann do dhaoine ro 2032, agus bidh 10% dhiubh sin ann an sgìrean dùthchail is eileanach.

Tha am plana a’ brosnachadh co-obrachadh eadar na roinnean poblach is prìobhaideach agus coimhearsnachdan ionadail gus barrachd dhachaighean a thogail no a thabhann far a bheil feum orra agus gus leudachadh seasmhach a thoirt air an eaconamaidh.

Am measg nan geallaidhean tha:

  • a’ toirt taic do thaigheadas ùr aig prìs reusanta agus taigheadas a thèid a stèidheachadh fo stiùir na coimhearsnachd
  • a’ dèanamh feum as ùr de bharrachd dhachaighean falamh
  • barrachd dhachaighean do phrìomh luchd-obrach
  • rannsachadh a bharantachadh air sealbh air dachaighean aig prìs reusanta ann an sgìrean dùthchail agus eileanach
  • a’ dèiligeadh ris na dùbhlain a th’ ann a thaobh an t-siostaim-sholair, sgilean is comasan ann an roinn na h-obrach-togail

Thuirt am Ministear airson Taigheadas Pòl MacIllFhinnein:

“Tha grunn gheallaidhean sa Phlana Ghnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach a thèid a choileanadh ann an co-bhuinn ri luchd-compàirt bho na roinnean poblach is prìobhaideach gus dachaighean freagarrach a thogail is a thabhann sna h-àiteachan ceart, gus leudachadh seasmhach a thoirt air eaconamaidhean ionadail agus airson coimhearsnachdan dùthchail is eileanach a chuideachadh gus soirbheachadh.

“Tha am plana seo a’ cur taic ri ro-innleachd taigheadais na h-Alba airson na h-ùine-fhada, Taigheadas gu ruige 2040, agus cuidichidh e leis a’ ghealladh gus 110,000 dachaigh ùr aig prìs reusanta a thogail no a thabhann ro 2032 agus bidh 70% dhiubh sin rim faotainn air mhàl sòisealta agus bidh 10% dhiubh ann an sgìrean dùthchail is eileanach. Chaidh co-chonaltradh farsaing a dhèanamh le grunn math bhuidhnean aig an robh ceangal ri cùisean taigheadais ann an sgìrean dùthchail is eileanach gus cuideachadh le bhith a’ dealbh a’ phlana seo.

“A dh’aindeoin nan dùbhlan a tha romhainn a thaobh Brexit is ìre atmhorachd àrd, tha am plana seo a’ dearbhadh gu bheil e fhathast na amas dhuinn taic a thoirt do theaghlaichean, coimhearsnachdan agus gnothachasan, agus eaconamaidh cho làidir ’s as urrainn dhuinn a stèidheachadh, anns na sgìrean dùthchail is eileanach againn.”

Fiosrachadh

Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach

Sa phlana seo, thathar a’ gabhail ris gu bheil Taigheadas fo Stiùir na Coimhearsnachd mar phàirt cudromach dhen iomairt fharsaing againn gus barrachd dhachaighean aig prìs reusanta a thogail no a thabhann ann an sgìrean dùthchail agus eileanach.

Tha Riaghaltas na h-Alba air fios fhoillseachadh o chionn ghoirid mu thaic-airgid, a tha air a co-mhaoineachadh leis an Stèidheachd Nàiseanta, luach suas ri £960,000 airson 2023-24 – 2025-26 airson cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na comasan is an t-eòlas aig an luchd-obrach aig Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan agus Taigheadas Coimhearsnachd Cheann a Deas na h-Alba gus na pròiseactan aca airson taigheadas aig prìs reusanta a thoirt gu buil.

Contact

Media enquiries

Back to top