Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023

Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023


Còmhdhail

Amas Ro-innleachdail 3 – A’ toirt piseach air seirbheisean còmhdhail

Gealltanas 3.1 Dèan cinnteach gun tèid làn dìon-eileanach a dhèanamh air gach poileasaidh, ro-innleachd agus seirbheis còmhdhail aig an àm seo agus san àm ri teachd gus am bi iad a rèir feumalachdan nan coimhearsnachdan eileanach.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Ann an 2022, rinn Còmhdhail Alba Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach airson nan gnìomhan sa chiad Phlana Lìbhrigeadh Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta (2020-2022), còmhla ri measaidhean buaidh eile. Cumaidh sinn oirnn a bhith a’ dèanamh Mheasaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach airson gnìomh iomchaidh sam bith air a bheil sinn a’ beachdachadh, a’ gabhail a-steach ro-innleachdan agus poileasaidhean san àm ri teachd agus nì sinn barrachd co-chomhairle le luchd-ùidh eileanach air cuspairean sònraichte nuair a bhios feum air seo.
  • Cumaidh Còmhdhail Alba air le com-pàirteachadh le coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail air prìomh phròiseactan a’ gabhail a-steach STPR2, Lèirmheas Faraidhean Cothromach agus siubhal lasaichte.

Pròiseact Neptune

Chaidh Aithisg Conaltradh Coimhearsnachd Pròiseact Neptune fhoillseachadh san Ògmhios 2023 agus tha i a’ cur an cèill sreath de mholaidhean agus bheachdan choimhearsnachdan eileanach air riaghladh aiseagan san àm ri teachd.

Thèid barrachd obrach a dhèanamh air a bhith a’ toirt piseach air riaghladh agus cunntachalachd thairis air seirbheisean aiseig na h-Alba mar phàirt den obair a tha a dhìth gus coimhead air buileachadh cùmhnant Seirbheis Aiseig Chluaidh is Innse Gall do ChalMac.

Lèirmheas air Faraidhean Cothromach

Tha an Lèirmheas air Faraidhean Cothromach, a rinneadh gus coimhead air roghainnean gus dèiligeadh ri ceistean co-cheangailte ri cosgais agus cothrom air seirbheisean còmhdhail phoblach, a-nis air aithris do Mhinistearan air na co-dhùnaidhean, na molaidhean agus na gnìomhan a tha iad airson faicinn. Thathar a’ beachdachadh gu faiceallach orra seo ann an co-theacs Buidseit na h-Alba a chaidh a mhìneachadh air 19 Dùbhlachd a tha gu bhith air fhoillseachadh anns na seachdainean a tha romhainn.

Stèidhichidh an Lèirmheas air Faraidhean Cothromach frèama air an tèid togail agus sinn a’ gluasad air adhart le obair nas fharsainge gus ar lèirsinn airson Còmhdhail Phoblach san àm ri teachd a lìbhrigeadh. Bidh an Lèirmheas cuideachd a’ soilleireachadh nan dùbhlan a tha mu choinneamh còmhdhail phoblach agus a’ taisbeanadh roghainnean airson gnìomhan sa gheàrr-ùine, sa mheadhan-ùine agus san fhad-ùine gus ar tairgse còmhdhail làithreach ath-leasachadh gus an gabh a lìbhrigeadh nas èifeachdaiche.

Faraidhean Aiseig

Bidh subsadaidh mòr air faraidhean aiseig tro ar cùmhnantan airson seirbheisean aiseig Chluaidh is Innse Gall agus airson nan Eileanan a Tuath agus tha sgaoileadh Cìs Co-ionann ri Rathaid air lùghdachadh mòr a bharrachd a thoirt air faraidhean.

Gus taic a chumail ri daoine agus gnìomhachasan nar coimhearsnachdan eileanach, chaidh faraidhean aiseig a reòthadh air lìonraidhean nan Eilean a Tuath agus Chluaidh is Innse Gall ann an 2023 gu deireadh a’ Mhàirt 2024.

Plana Ceangailteachd nan Eilean (Islands Connectivity Plan - ICP)

Bha na beachdan a fhuaras bho choimhearsnachdan ann an grunn chonaltraidhean is co-chomhairlean le Còmhdhail Alba agus Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba air leth cudromach ann a bhith a’ fiosrachadh cruthachadh Dòigh-obrach Ro-innleachdail Plana Ceangailteachd nan Eilean.

A bharrachd air sin, chaidh fios air ais bho phrìomh luchd-ùidh a thoirt a-steach do Phlana nan Soithichean is nam Port às dèidh foillseachadh na sgrìobhainn tùsail san Dùbhlachd 2022.

Aig an aon àm, thathar a’ dèanamh Measadh Buaidh Coimhearsnachd Eileanach gus cruthachadh Plana Ceangailteachd nan Eilean san fharsaingeachd fhiosrachadh. Tha am pròiseas seo ag amas air dèanamh cinnteach gu bheilear a’ glacadh agus a’ beachdachadh air a’ bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach ann an leasachadh nam poileasaidhean agus nam planaichean a tha air am mìneachadh ann an dreachd Phlana Cheangailteachd nan Eilean. Dh’fhosgail a’ cho-chomhairle air a’ phlana iomlan sa Ghearran agus thathar an dùil an-dràsta gun dùin e air 3 Cèitean 2024.

Tha sinn an dùil beachdan iarraidh is fhoillseachadh air Measadh Buaidh Coimhearsnachd Eileanach eadar-amail mus tèid Plana Ceangailteachd nan Eilean a chrìochnachadh.

Thathar a’ dèanamh Measadh Buaidh Choimhearsnachd Eileanach cuideachd an-dràsta air an ath Chùmhnant Aiseagan Chluaidh is Innse Gall.

Siubhal Lasaichte

Tro na sgeamaichean siubhail lasaichte againn tha còrr is dà mhillean neach ann an Alba, a’ gabhail a-steach clann agus daoine òga fo aois 22, daoine ion-roghnach air a bheil ciorram agus a h-uile duine aois 60 agus nas sine, airidh air siubhal bus an-asgaidh. 

Dh’ainmich sinn cuideachd gun tèid sgeama lasachaidhean nan aiseag a leudachadh, a tha a’ tabhann ceithir tursan aiseig singilte an-asgaidh gach bliadhna gu tìr-mòr, do luchd-còmhnaidh eileanach fo aois 22. Aig an àm seo, tha an sgeama a’ gabhail a-steach daoine aois 16 gu 18 agus saor-thoilich làn-ùine ion-roghnach suas ri aois 26. Bidh e comasach do bharrachd dhaoine eàrlasan aiseig fhaighinn mar thoradh air an atharrachadh seo.

Ro-innleachd nan Seirbheisean Adhair

Tha a’ cho-chomhairle phoblach air-loidhne mu chruthachadh ro-innleachd itealain air tighinn gu crìch agus tha sinn air mion-sgrùdadh neo-eisimeileach fhoillseachadh de na freagairtean. Tha obair a’ dol air adhart thar Riaghaltas na h-Alba gus freagairt ullachadh dhan cho-chomhairle seo.

Bha a’ cho-chomhairle a’ gabhail a-steach barrachd cheanglaichean eadar-nàiseanta agus bathar-adhair, an gluasad gu soithichean-adhair beag-eimisein/gun eimiseanan, ceanglaichean dachaigheil agus rèiteachaidhean riaghlaidh ann an sgìre na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Prògram nan Eileanan - Toglaichean Puirt-adhair

Tro phrògram nan eileanan 2023-24, thug sinn £216,307 do chomhairle Arcaibh airson toglaichean puirt-adhair ùra aig Papa Westray agus Stronsay. Tha na leasachaidhean a’ gabhail a-steach ruigsinneachd nas fheàrr, àiteachan feitheimh sònraichte, taighean-beaga ùr-nodha, Wi-Fi, barrachd pàirceadh le puingean teàirrdsidh dealain, agus cothrom airson baidhsagalan air mhàl a dh’fhaodadh a bhith air a riaghladh leis na coimhearsnachdan.

Gealltanas 3.2 Dèan conaltradh ri ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan eileanach agus luchd-obrachaidh còmhdhail ann a bhith ag ullachadh riaghailtean agus stiùireadh airson riaghailtean airson seirbheisean bus fo Achd na Còmhdhail (Alba) 2019, a tha ag amas air comas a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail freagairt nas fheàrr a thoirt air feumalachdan ionadail.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Às dèidh co-chomhairle a thàinig gu crìch anmoch ann an 2021, tha Còmhdhail Alba air cumail oirre ag obair le com-pàirtichean air buileachadh nan ullachaidhean bus ann an Achd na Còmhdhail (Alba) 2019. Chaidh anailis na co-chomhairle fhoillseachadh air 11 Màrt 2022. Bhon Ògmhios 2022, tha cumhachdan air a bhith aig ùghdarrasan còmhdhail ionadail gus na seirbheisean ionadail aca fhèin a ruith, a bharrachd air a’ chomas a th’ aca mar-thà gus subsadaidh a thoirt do sheirbheisean bus ionadail. Thàinig riaghailtean an gnìomh air 1 Giblean 2023 gus piseach a thoirt air a’ phròiseas co-roinn fiosrachaidh nuair a bhios companaidhean còmhdhail ag atharrachadh no a’ cur dheth seirbheis. Nas fhaide air adhart am-bliadhna, tòisichidh sinn air fo-reachdas a thoirt a-steach gus an gabh na h-ullachaidhean bus mu dheireadh san Achd (com-pàirteachasan agus ceadachd) a chur an sàs. Cumaidh Còmhdhail Alba air adhart ag obair le com-pàirtichean fhad ’s a thathar a’ cruthachadh nan riaghailtean sin.

Tha Riaghaltas na h-Alba a-nis air a h-uile cumhachd bus taobh a-staigh Achd 2019 a lìbhrigeadh agus a-nis is urrainn do dh’ùghdarrasan còmhdhail ionadail beachdachadh air na cumhachdan uile a tha ann dhaibh. Tha seo a’ gabhail a-steach obair com-pàirteachais, ceadan-ruith agus seirbheisean air an ruith le ùghdarrasan ionadail, a bhios ann còmhla ris a’ chomas aca a bhith a’ toirt subsadaidh do sheirbheisean. Thèid barrachd riaghailtean agus stiùireadh a chur an gnìomh ann an 2024, a bheir làn bhuaidh do na cumhachdan sin Cumaidh sinn oirnn le conaltradh luchd-ùidh fhad ’s a tha sinn gan sgrìobhadh.

Gealltanas 3.3 Cruthaich plana fad-ùine agus prògram tasgaidh airson aiseagan ùra agus leasachadh air puirt gus seasmhachd, earbsachd, agus comas a leudachadh agus gus eimiseanan a lùghdachadh gus misneachd a thoirt do choimhearsnachdan eileanach mun dealas leantainneach againn.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Fiosrachaidh an dàrna Lèirmheas air Pròiseactan Còmhdhail Ro-innleachdail (STPR2) tasgadh còmhdhail aig Riaghaltas na h-Alba ann an Alba airson an ath 20 bliadhna. Tha STPR2 a’ cur air adhart 45 moladh airson tasgadh san àm ri teachd ann an lìonra còmhdhail ro-innleachdail na h-Alba. Tha sinn an dùil Plana Lìbhrigidh a chruthachadh gus barrachd soilleireachd a thoirt seachad air prìomhachadh molaidhean STPR2.
  • Chaidh dreachd Plana Fad-ùine aig Còmhdhail Alba airson Soithichean is Puirt a cho-roinn le prìomh luchd-ùidh agus fhoillseachadh air làrach-lìn Còmhdhail Alba air 30 Dùbhlachd 2022. Nì sinn ath-sgrùdadh air an dreachd seo ann an 2023.

Mar phàirt de chruthachadh Plana Ceangailteachd nan Eilean, tha Plana nan Soithichean is nam Port ùraichte a’ toirt seachad mion-fhiosrachadh air amasan Riaghaltas na h-Alba airson Seirbheisean Aiseig Chluaidh is Innse Gall agus Seirbheisean Aiseig nan Eileanan a Tuath ris a bheil Riaghaltas na h-Alba an urra gu dìreach.

Tha Plana nan Soithichean is nam Port na dhreach ùraichte den dreachd Phlana Fad-ùine airson Soithichean is Puirt a chaidh fhoillseachadh san Dùbhlachd 2022, agus a tha cuideachd a’ gabhail a-steach fios air ais bho luchd-ùidh. Tha Plana nan Soithichean is nam Port na phlana fad-ùine, gu 2045, airson tasgadh ann an shoithichean is puirt a thathar a’ meas riatanach gus dèiligeadh ris na prìomh dhùbhlain a thaobh earbsachd agus ath-leumachd.

Nuair a bhios e deiseil, bidh Plana Ceangailteachd nan Eilean a’ gabhail a-steach Dòigh-obrach Ro-innleachdail fharsaing, le taic bho ghrunn phlanaichean lìbhrigidh, agus tha Plana nan Soithichean is nam Port air aon dhiubh.

Is iad Plana nan Soithichean is nam Port, còmhla ris an Dòigh-obrach Ro-innleachdail, a’ chiad dà eileamaid de Phlana Cheangailteachd nan Eilean a chaidh fhoillseachadh airson co-chomhairle foirmeil, a thathar an dùil a bhios a’ ruith gu 3 Cèitean 2024.

Gealltanas 3.4 Cruthaich Plana Aiseagan ùr gus cur ri lìbhrigeadh nan amasan aig ro-innleachdan nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba mar a tha air an cur an cèill ann an Ro-innleachd Nàiseanta na Còmhdhail agus anns a’ Phlana Nàiseanta seo airson nan Eilean.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Cumaidh sinn oirnn a’ deasachadh Plana Ceangailteachd nan Eilean (Islands Connectivity Plan - ICP) a bhios a’ dol an àite Plana nan Aiseagan 2013-22. Bidh an ICP a’ gabhail a-steach amasan stèidhichte air taic ri lìbhrigeadh NTS2 agus Plana Nàiseanta nan Eilean, agus nì sinn molaidhean gus na h-amasan sin a choileanadh a tha a’ toirt seachad luach an airgid. Thathar an dùil gun tèid an obair seo a dhèanamh ann an 2023.

Chaidh Dòigh-obrach Ro-innleachdail Plana Ceangailteachd nan Eilean agus Plana nan Soithichean is nam Port ùraichte fhoillseachadh airson co-chomhairleachadh poblach air 1 Gearran 2024.

Bha am Plana stèidhichte air fios air ais bho choimhearsnachdan agus tha e a’ suidheachadh treòir ro-innleachdail airson ceanglaichean còmhdhail eileanach san àm ri teachd.

Tha am pàipear Dòigh-obrach Ro-innleachdail a’ cur air adhart sealladh farsaing airson ceanglaichean còmhdhail eileanach a tha buntainneach do na coimhearsnachdan eileanach uile. Tha seo a’ gabhail a-steach seirbheisean is stòrasan air an toirt seachad le ùghdarrasan ionadail, companaidhean prìobhaideach is eile. Tha e cuideachd a’ cur air adhart Lèirsinn, a tha a’ faighinn taic bho cheithir phrìomhachasan airson seirbheisean aiseig na h-Alba san àm ri teachd. Tha seo taobh a-staigh a’ cho-theacs poileasaidh a tha air a mhìneachadh san Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta agus ann am Plana Nàiseanta nan Eilean.

Airson barrachd fiosrachaidh mu Phlana Ceangailteachd nan Eilean faic gealltanas 3.1.

Gealltanas 3.5 Mar phàirt den ath Phlana Aiseagan, dèan sgrùdadh air a’ bhuaidh air RET agus beachdaich air na roghainnean poileasaidh a thaobh faraidhean aiseig san àm ri teachd a bhios a’ coileanadh feumalachdan nan eileanach agus a chumas taic ri eaconamaidhean eileanach.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Fiosraichidh aithisg Measaidh RET a chaidh fhoillseachadh sa Mhàrt 2021 an sruth-obrach air ath-sgrùdadh air faraidhean a tha ga dhèanamh mar phàirt de Phlana Ceangailteachd nan Eilean (ICP) agus Ath-sgrùdadh nam Faraidhean nas fharsainge.

Tha Poileasaidh Faraidhean, prìomh eileamaid de Phlana Cheangailteachd nan Eilean, a’ cur air adhart mholaidhean gus faraidhean ath-sgrùdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na h-aiseagan againn seasmhach a thaobh ionmhais agus gu bheil faraidhean nas ìsle air an cuimseachadh air an fheadhainn as motha a tha feumach orra. Chaidh obair air faraidhean a dhèanamh thar ar modhan còmhdhail poblach uile bho chionn ghoirid – a’ gabhail a-steach aiseagan – tro Lèirmheas Faraidhean Cothromach Còmhdhail Alba. Bidh an lèirmheas ag aithris a dh’aithghearr. Togaidh e air grunn mheasaidhean neo-eisimeileach air RET, molaidhean aig Comataidh Cumhachd, Còmhdhail agus Cothromachadh Carboin gus conaltradh a dhèanamh le luchd-ùidh gus raon de roghainnean airson atharrachadh a thoirt seachad agus gus beachdachadh orra.

Tha oifigearan Còmhdhail Alba a’ cruinneachadh bheachdan tro cho-chomhairlean air-loidhne agus tachartasan ann an coimhearsnachdan a tha an eisimeil aiseagan. Bidh barrachd obrach a dhìth le gnìomhaichean le companaidhean còmhdhail agus luchd-ùidh gus planaichean buileachaidh a chruthachadh.

Thèid barrachd obair leasachaidh mionaideach a dhèanamh air faraidhean aiseig às dèidh an Lèirmheis air Faraidhean Cothromach agus sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e misneachd a thogail nar gnìomhachasan eileanach agus a bhith a’ toirt taic do leasachadh agus fàs eaconamach in-ghabhalach, seasmhach.

Gealltanas 3.6 Mar phàirt de Phlana nan Aiseagan cuideachd, dèan ath-sgrùdadh agus cuir air adhart amalachadh eadar aiseagan agus modhan còmhdhail eile air tìr-mòr agus eileanan, le sùil cleachdadh còmhdhail ghnìomhach, phoblach no cho-roinnte a dhèanamh nas fheàrr airson turasan slàn, no pàirtean de thursan gu no bho eileanan ann an dòigh ruigsinneach agus air prìs reusanta.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha an obair seo ga toirt air adhart mar eileamaid de Phlana Ceangailteachd nan Eilean. Thèid Plana Gnìomh Siubhal air Adhart is Ceangailte (OCT) ullachadh ann an 2023, an co-cheangail ri fo-eileamaidean eile de Phlana Ceangailteachd nan Eilean.
  • Thèid na prìomhachasan a tha air an comharrachadh gus ceanglaichean a leasachadh a thoirt air adhart mar phrògram leantainneach bho 2024 ann an co-obrachadh le luchd-ruith aiseagan, solaraichean còmhdhail eile, agus luchd-ùidh nas fharsainge iomchaidh a’ gabhail a-steach ùghdarrasan ionadail.

Nì sruth-obrach “siubhal air adhart is ceanglaichean” (onward and connecting travel - OCT) ann am Plana Ceangailteachd nan Eilean ath-sgrùdadh agus an uair sin brosnaichidh e amalachadh/ceangailteachd nas fheàrr eadar na lìonraidhean aiseig againn agus modhan còmhdhail eile. Gu sònraichte, modhan gnìomhach (baidhsagal, coiseachd agus cuibhleachadh), còmhdhail phoblach, agus modhan nas seasmhaiche eile (màl charbadan/co-roinn charbadan is msaa) an dà chuid air tìr-mòr agus sna h-eileanan.

Tha sruth-obrach OCT ga leasachadh agus tha sinn a’ cur fàilte air beachdan air dè bu chòir a bhith nam prìomh ghnìomhachdan gus an t-eadar-dhealachadh as motha a dhèanamh ann a bhith a’ cur ri ceangailteachd. Dh’fhaodte gum bi iad eadar-dhealaichte ann an diofar àiteachan ach tha e coltach gum bi na leanas am measg tèaman leasachaidh:

  • Fiosrachadh nas fheàrr mu roghainnean còmhdhail phoblach agus siubhal gnìomhach - aig puirt, air soithichean, agus tro àrd-ùrlaran didseatach (an fheadhainn aig gnìomhaichean agus aig treas phàrtaidhean);
  • Roghainnean nas fheàrr airson faraidhean amalaichte agus tiogaidean thar mhodhan (m.e. tiogaidean “rèile is bàta” nas fheàrr), a dh’obraicheas le tiogaidean tapaidh san àm ri teachd;
  • A’ coimhead air cothroman airson culaidhean-brosnachaidh ionmhasail no eile gus còmhdhail phoblach no modhan siubhail gnìomhach a chleachdadh, seach a bhith a’ toirt charbadan prìobhaideach air bòrd aiseagan;
  • Làn cho-òrdanachadh eadar companaidhean aiseig agus companaidhean còmhdhail poblach eile air clàran-ama gus iomlaid a chur an comas, agus gus seirbheisean càch a chèile a bhrosnachadh mar roghainnean siubhail co-òrdanaichte;
  • Goireasan nas fheàrr air soithichean agus aig puirt airson siubhal gnìomhach, mar eisimpleir, racaichean bhaidhsagal, mapaichean de shlighean iomchaidh dhan phort, puingean teàirrdsidh airson e-baidhsagalan;
  • A’ cur an comas seirbheisean leithid baidhsagalan is càraichean air mhàl aig puirt , gu sònraichte far a bheil còmhdhail phoblach duilich a thoirt seachad.

Gealltanas 3.7 Dh’aontaich sinn gun cruthaicheamaid agus gun toireamaid a-steach siostam clàraidh agus siostam thiocaidean ùr airson aiseagan Chluaidh agus Innse Gall, le comas Tiocaidean Tapaidh a chleachdadh, an àite an sgeama a th’ ann aig an àm seo.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Thèid an gnìomh seo a lìbhrigeadh ann an trì ìrean. Thèid a’ chiad ìre beò air 16 Cèitean 2023. Thathar ag obair air clàr-ama airson nan ìrean eile an-dràsta agus thèid ùrachaidhean a thoirt seachad fhathast.

Chaidh siostam clàraidh air-loidhne ChalMac (Ar Turas) a chur air bhog air 17 Cèitean 2023. Choilean seo an gealltanas gus seo a dhèanamh ann an cùmhnant Chluaidh is Innse Gall. Tha siostam thiocaidean is clàraidh ùr - “Ar Turas” air a mhaoineachadh le Còmhdhail Alba.

Tha buannachdan Ar Turas a’ gabhail a-steach riaghladh ‘beò’ nas fheàrr air rùm air an deic, conaltradh nas fheàrr mu bhuaireadh, seirbheis choitcheann, ruigsinneach, le comas didseatach an dà chuid air-loidhne agus air aplacaidean, agus dòigh air tiogaidean a cheannach agus atharrachaidhean a chur an gnìomh sa bhad.

Gealltanas 3.8 Cleachd na beachdan a fhuaras anns a’ cho-chomhairle air Ro-innleachd Nàiseanta na Còmhdhalach ann an ullachadh Plana Lìbhrigidh Ro-innleachd Nàiseanta na Còmhdhalach a bhios a’ feuchainn ri aghaidh a chur air na diofar dhùbhlain còmhdhail a tha a’ toirt buaidh air sgìrean agus roinnean diofraichte na h-Alba, a’ gabhail a-steach eileanan.

Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2020. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2020 airson barrachd fiosrachaidh.

Gealltanas 3.9 Aontaich tasgaidhean còmhdhail ro-innleachdail bho na coimhearsnachdan eileanach againn tro STPR2 – a dh’fhiosraicheas cuideachd an dàrna Plana Aiseagan aig Còmhdhail Alba.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Chaidh STPR2 fhoillseachadh air 8 Dùbhlachd 2022 agus tha sinn air 45 moladh a chur air adhart ann airson tasgadh ann an lìonra còmhdhail ro-innleachdail na h-Alba san àm ri teachd. Thàinig a’ cho-chomhairle gu crìch air 15 Giblean 2022 Fhuaradh 424 freagairtean, a’ gabhail a-steach 159 neach fa leth, 165 freagairt bhuidhnean agus 100 far nach deach innse an e buidhnean no neach fa leth a bh’ annta. Tha freagairtean na co-chomhairle, gu h-àraidh an ìre de thaic do na molaidhean fa leth, cuideachd air biathadh a-steach dhan phròiseas gus prìomhachasan a shuidheachadh. Thèid Plana Lìbhrigidh a chruthachadh gus barrachd soilleireachd a thoirt seachad air prìomhachadh molaidhean STPR2.

Lèirmheas Pròiseactan Còmhdhail Ro-innleachdail 2 (STPR2)

Am-bliadhna, foillsichidh sinn am plana lìbhrigidh bun-structair còmhdhail airson STPR2, a’ mìneachadh phrìomhachasan tasgaidh agus a’ toirt seachad sealladh a bharrachd air prògramadh nan 45 molaidhean ann an STPR2. Tha obair a’ dol air adhart gus 38 molaidhean a lìbhrigeadh, agus thathar a’ beachdachadh air an dòigh as fheàrr air na seachd molaidhean eile a chur an gnìomh. Tha grunn mholaidhean ann co-cheangailte ri coimhearsnachdan eileanach, nam measg:

  • Moladh 18: A’ toirt taic do thursan ceangailte aig ionadan-aiseig gus piseach a thoirt air goireasan iomlaid airson a h-uile turas aig cinn-uidhe, gu sònraichte tursan nas fhaide, a’ toirt seachad roghainnean siubhail nas fhasa agus a’ cruthachadh sheirbheisean, gu sònraichte dhaibhsan nach bidh a’ siubhal le càr. (Inbhe: tha e a’ dol air adhart mar-thà).
  • Moladh 22: Frèam airson lìbhrigeadh co-ionadan gluasadachd (mobliity hubs) gus togail air an stiùireadh a th’ ann mar-thà a chaidh ullachadh le Collaborative Mobility UK, mu dheasachadh frèam lìbhrigidh airson co-ionadan gluasadachd, ann an co-obrachadh le luchd-ùidh, gus cruthachadh co-ionadan gluasadachd àrd-inbhe a dhèanamh air feadh na h-Alba. (Inbhe: cha do thòisich seo fhathast).
  • Moladh 24: Ag ath-nuadhachadh agus ag ùrachadh aiseagan, agus gan dì-charbonachadh mean air mhean Tha am moladh seo a’ gabhail a-steach ùrachadh agus ath-nuadhachadh shoithichean CHFS agus NIFS a’ gabhail a-steach dì-charbonachadh mean air mhean ro 2045. (Inbhe: tha e a’ dol air adhart mar-thà).
  • Moladh 28: Carbadan gun eimiseanan agus tar-ghluasad bun-structair. Is e amas a’ mholaidh seo taic a chumail ris a’ ghluasad a dh’ionnsaigh lìonra-rathaid le cothromachadh carboin, tro atharrachadh teicneòlasach. Tha seo deatamach gus eimiseanan CO2 bho chòmhdhail rathaid a lùghdachadh gus amas cothromachadh carboin Riaghaltas na h-Alba a choileanadh. (Inbhe: tha e a’ dol air adhart mar-thà).
  • Moladh 41: A’ coimhead air ceangal stèidhichte air Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh agus eadar Muile agus tìr-mòr na h-Alba. Tha STPR 2 a’ moladh gun dèanar barrachd obrach air cùisean gnìomhachais gus tuigse fhaighinn air na buannachdan, cosgaisean agus dùbhlain a bhiodh an lùib ceangal stèidhichte air Caolas na Hearadh, Caolas Bharraigh agus eadar Muile agus tìr-mòr na h-Alba. (Inbhe: cha do thòisich seo fhathast).
  • Moladh 42: Tasgadh ann am bun-structair puirt gus taic a thoirt do dh’ath-nuadhachadh shoithichean agus soithichean ùra, agus dì-charbonachadh mean air mhean a’ gabhail a-steach prògram tasgaidh ann am bun-structair puirt aiseig, a’ gabhail a-steach solar cumhachd cladaich do dh’aiseagan, gus taic a chumail ri Moladh 24 ann an STPR2 a tha air a mhìneachadh gu h-àrd. (Inbhe: tha e a’ dol air adhart mar-thà).

Gealltanas 3.10 Obraich ann an com-pàirteachas le ùghdarrasan ionadail agus coimhearsnachdan airson a bhith a’ leasachadh bun-structair coiseachd is baidhsagal, dealbhadh àite agus ruigsinneachd air baidhsagalan, goireasan, adhartachadh agus foghlam gus coiseachd is baidhsagal a dhèanamh mar an roghainn as mòr-chòrdte airson turasan làitheil goirid a’ gabhail a-steach tursan mar phàirt de thursan ioma-mhodh.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha Còmhdhail Alba air taic-airgid a thoirt do Cycling UK gus leantainn air adhart leis a’ phrògram Rural Connections ann an 2023 a bheir taic do dhaoine ann an Sealtainn, Arcaibh, agus coimhearsnachdan eileanach gus rothaireachd, coiseachd is cuibhleachadh airson tursan làitheil, cur-seachad agus spòrs. Tha am prògram ga mhaoineachadh mar phàirt den fhreagairt againn do dh’Fharpaisean Rothaireachd UCI na Cruinne, agus tha e a’ tabhann raon farsaing de ghnìomhachd rothaireachd is coiseachd airson gach comais.
  • Dh’fhosgail am portal air-loidhne airson tagraidhean gu Àiteachan dha na h-Uile air 25 Iuchar 2022. Chaidh seo a shanasachd dhan a h-uile ùghdarras ionadail a bha ion-roghnach gus tagradh a dhèanamh airson maoineachadh airson bun-structair coiseachd is baidhsagail ùr tron mhaoin. Thèid pròiseactan a thoirt air adhart ann an 2023.
  • Tha oifigearan Sustrans a-nis air am fastadh ann an Arcaibh agus Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, agus cumaidh iad orra a’ toirt taic do na h-ùghdarrasan ionadail sin leis na ro-innleachdan agus pròiseactan siubhail gnìomhach aca.

Bidh Còmhdhail Alba a’ maoineachadh bun-structair, atharrachadh giùlain, agus ruigsinneachd air baidhsagalan do dh’ùghdarrasan eileanach gu dìreach no tro thagraidhean coimhearsnachd is chom-pàirtichean airson sgeamaichean siubhail gnìomhach gus siubhal seasmhach a thoirt air adhart.

Thug Còmhdhail Alba seachad tabhartasan dìreach de £461,000 do Shlighean Coiseachd is Rothaireachd nas Sàbhailte ann an 2023-24 (còmhla ri cuibhreann de mhaoineachadh bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle na Gàidhealtachd) gus sgeamaichean siubhail gnìomhach a lìbhrigeadh sna h-eileanan. Tha iad nan cuibhreann pro-rata den tabhartas iomlan de £35 millean. Chaidh seo a riarachadh do na h-eileanan mar a leanas: Fhuair Comhairle nan Eilean Siar £170,000, fhuair Comhairle Shealtainn £147,000 agus fhuair Comhairle Arcaibh £144,000. Cuideachd, fhuair Zetrans £350,000 gus pròiseactan a dhealbh mar phàirt de mhaoineachadh dìreach bho Chòmhdhail Alba gu Ùghdarrasan Còmhdhail Roinneil.

Tha cuid de na prìomh phròiseactan a chaidh a lìbhrigeadh tro mhaoineachadh CWSR anns na bliadhnaichean roimhe air leantainn air adhart agus tha iad a’ gabhail a-steach solais ann an sgìre Nis ann an Leòdhas agus lìbhrigeadh shoidhnichean gus taic a thoirt do raointean 20 mìle san uair ùra timcheall air deich sgoiltean ann an Arcaibh.

Bidh Còmhdhail Alba a’ toirt maoineachadh do Sustrans gach bliadhna gus prògram siubhal gnìomhach Àiteachan do na h-Uile a chur an gnìomh. Ann an 2023-24, chaidh còrr is £1 millean a riarachadh do phròiseactan ann an diofar àiteachan eileanach leithid An t-Eilean Sgitheanaich, Arcaibh, Barraigh, Bòd, Ìle, agus Diùra, a’ gabhail a-steach obair dealbhaidh is togail.

Mar thoiseach tòiseachaidh air gluasad air falbh bho PfE a dh’ionnsaigh maoineachadh nas dìriche gu ùghdarrasan ionadail, dh’fhosgail Còmhdhail Alba Maoin Cruth-atharrachaidh ùr ann an 2023-24 agus thug sinn £385,000 do Chomhairle nan Eilean Siar agus £107,000 do Chomhairle Shealtainn às a seo.

Bidh Sustrans a’ toirt taic do Chomhairle Arcaibh agus do Chomhairle na Gàidhealtachd tro Oifigearan Stèidhichte a bhios a’ cuideachadh le bhith a’ cruthachadh ro-innleachdan agus slighean siubhail gnìomhach, agus tagraidhean maoineachaidh.

Tha barrachd maoineachaidh airson Siubhal Gnìomhach air taic a chur an comas do sgeamaichean siubhail is sàbhailteachd nas gnìomhaiche air prìomh rathaidean, gu h-àraidh san Eilean Sgitheanach, a’ gabhail a-steach leasachaidhean aig Àrd-sgoil Phort Rìgh le cruth nan cinn-rathaid air a dhèanamh nas sìmplidhe agus comharran trafaig le slighean-coiseachd le solasan air an cur a-steach, a chosg £325,000. Dh’fhaodadh sgeamaichean air a bheilear a’ beachdachadh airson na h-ath bhliadhna ionmhais leudachadh a dhèanamh air an t-slighe-coiseachd ann an Sgonnsair agus crois-rathaid do luchd-coiseachd a chur ris aig Àrd-sgoil Phort Rìgh.

Bidh Paths for All, tro mhaoin Slighean Ian Findlay, a’ toirt piseach air slighean ionadail gus siubhal gnìomhach a bhrosnachadh. Chaidh Pròiseact Ath-sgeadachaidh Àrdnais, san Eilean Sgitheanach, a lìbhrigeadh ann an 2023, agus iad ag ùrachadh frith-rathad 1km nach robh ruigsinneach do na h-uile. Tha am frith-rathad ùr a’ ceangal Breacais Àrd is Ìosal agus Achadh a’ Chuirn agus e a’ toirt seachad slighe siubhail sàbhailte, gnìomhach gu àiteachan-obrach agus prìomh ghoireasan san Ath Leathann.

Tha sinn a’ leantainn air adhart a’ lìbhrigeadh measgachadh de phrògraman atharrachadh giùlain anns na h-eileanan, a’ gabhail a-steach àrdachadh ann an ìrean cleachdaidh trèanadh baidhsagal do chloinn is inbhich. Tha Comhairle nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealtainn air £30,000 fhaighinn airson trèanadh Bikeability a lìbhrigeadh anns a h-uile bun-sgoil ann an 2023-24, agus còrr is £350,000 bho 2012.

Tha prògram Cycling Friendly air còrr is £300,000 de mhaoineachadh a thoirt seachad airson cothrom air sgeamaichean baidhsagal agus stòradh ann an coimhearsnachdan eileanach, le £158,000 airson goireasan a chur a-steach thairis air 10 làraichean aig NHS nan Eilean Siar, agus iad uile ag obair a dh’ionnsaigh creideas Fastaiche a tha Càirdeil ri Rothaireachd gus rothaireachd a bhrosnachadh do luchd-obrach air feadh nan Eilean Siar.

A bharrachd air seo, chaidh £587,900 a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail eileanach ann an 2023-24 tro Phrògram Smarter Choices Smarter Places gus barrachd thursan a bhrosnachadh tro choiseachd, air cuibhlichean, còmhdhail phoblach agus siubhal seasmhach. Ghabh seo a-steach £50,000 an urra airson:

Comhairle nan Eilean Siar gus dreuchd a mhaoineachadh a bheir taic do ghnìomhachd brosnachaidh siubhal gnìomhach agus còmhdhail phoblach air feadh nan Eilean Siar;

Comhairle Arcaibh gus seirbheisean bus feasgair a lìbhrigeadh gus cleachdadh chàraichean a lùghdachadh, barrachd cleachdaidh de chòmhdhail doras gu doras dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd;

Tha Comhairle Shealtainn a’ leantainn orra leis an iomairt Love to Ride agus a’ cumail suas làrach-lìn a tha a’ comasachadh tagradh agus in-ghabhail agus a’ toirt seachad an fhiosrachaidh as ùire gus dèiligeadh ri bacaidhean agus gus cur ri misneachd.

Ann an 2023-24, thug sinn £1 millean do Cycling UK gus Pròiseact Ceanglaichean Dùthchail a ruith, a’ cur ri ruigsinneachd bhaidhsagalan ann an sgìrean eileanach leithid Sealtainn agus Arcaibh. Tha seo a’ cumail taic ri stòradh bhaidhsagalan, cumail suas agus trèanadh ann an coimhearsnachdan gun bhùitean càraidh, ag amas air cur ri roghainnean iasad baidhsagail agus rothairean atharraichte a thabhann do dhaoine air a bheil ciorram.

Prògram nan Eilean – Pàirc a’ Mhuilinn Dathaidh

Tro Phrògram nan Eilean 2023/24, thug sinn £220,625 do Chomhairle Siorrachd Àir a Tuath airson pàirce bhaidhsagalan ruigsinneach aig A’ Mhuileann Dathaidh ann an Arainn gus rothaireachd a chur an comas, a’ brosnachadh fàs coimhearsnachd, agus a’ leasachadh sgilean.

Gealltanas 3.11 Coimhead air dòighean gus am feum air siubhal a lùghdachadh le bhith a’ cleachdadh an t-siostam dealbhaidh gus àiteachan a bhrosnachadh a tha a’ toirt dhaoine is sheirbheisean còmhla.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Chaidh gabhail ri Frèam Planaidh Nàiseanta 4 (NPF4) sa Ghearran 2023 agus tha e a-nis an gnìomh. Tha NPF4 a’ gabhail a-steach poileasaidh ùr air beatha ionadail a’ gabhail a-steach prionnsapal nàbachdan 20-mionaid a bhios a’ ceangal dhaoine ri raon de ghoireasan agus sheirbheisean faisg air an dachaigh agus ag aithneachadh gur e dòigh-obrach shùbailte a th’ ann a ghabhas a chleachdadh ann an diofar dhòighean air feadh na dùthcha agus ann an diofar bhailtean ann an dòigh a fhreagras air a’ cho-theacsa. Chaidh dreachd cho-chomhairleachaidh de stiùireadh air Beatha Ionadail agus Coimhearsnachdan 20 Mionaidean fhoillseachadh as t-Earrach 2023, gus taic a chumail ri buileachadh NPF4. Mar phrìomhachas, bheir sinn air adhart buileachadh agus sgrùdadh NPF4 tron Phrògram Lìbhrigidh | A’ Toirt Cruth-atharrachadh air Planadh

Frèam Planaidh Nàiseanta 4

Tha Frèam Planaidh Nàiseanta 4 (NPF4), ris an deach gabhail sa Ghearran 2023, mar phàirt den phlana leasachaidh airson co-dhùnaidhean làitheil san t-siostam dealbhaidh agus tha e a’ fiosrachadh ullachadh phlanaichean leasachaidh ionadail air feadh nan eilean. Tha e a’ mìneachadh sia prionnsapalan spàsail, agus tha e na bhunait dhan ro-innleachd spàsail nàiseanta agus do phoileasaidhean dealbhaidh: eadar-ghluasad cothromach, glèidheadh agus ath-chuairteachadh stòrasan, beatha ionadail, dlùth-fhàs ann am bailtean-mòra, ath-chothromachadh air leasachadh agus ath-bheothachadh dùthchail.

Tha ro-innleachd spàsail NPF4 a’ cuimseachadh air costa an Iar-thuath agus air na h-Eileanan agus a’ co-thaobhadh ri Plana Nàiseanta nan Eilean gus builean nas fhèarr a lìbhrigeadh do dh’eileanaich. Tha e ag amas air ath-leumachd agus fèin-sheasmhachd a thogail san fhad-ùine le bhith a’ lùghdachadh an fheum air siubhal agus a bhith cuideachd a’ cumail suas coimhearsnachdan sgapte agus pàtrain leasachaidh dùthchail.

Bidh poileasaidhean NPF4 a’ brosnachadh còmhdhail sheasmhach, dòighean-obrach stèidhichte air àite gus eisimeileachd air càraichean a lùghdachadh agus gus tuigse thràth fhaighinn air feumalachdan bun-structair agus a’ bhuaidh aig bun-structair air àite. Bidh seo a’ cumail taic ri bhith a’ cur an sàs coimhearsnachdan 20 mionaid agus dòigh-obrach beatha ionadail gus am faigh coimhearsnachdan cothrom air seirbheisean ionadail ann an dòigh nas seasmhaiche.

Tha NPF4 cuideachd a’ toirt aire do Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta 2, ag amas air dealbhadh còmhdhail is cleachdadh fearainn fhilleadh a-steach nas fheàrr agus gus dèanamh cinnteach gu bheil ruigsinneachd còmhdhail agus lùghdachadh air an fheum a bhith a’ siubhal nam feartan bunaiteach a thaobh far an tachair leasachaidh. Tha e a’ leabachadh Rangachadh na Còmhdhail Seasmhaich agus Rangachd Tasgadh Seasmhach aig NTS2 ann an co-dhùnaidhean dealbhaidh agus dealbhadh leasachaidhean.

Stiùireadh air Planaichean Leasachaidh Ionadail

Air fhoillseachadh sa Chèitean 2023, tha an Stiùireadh a’ mìneachadh nan earrannan buntainneach ann an NPF4, Achd Dealbhadh Bailteil is Dùthchail (Alba) 1997 mar a chaidh atharrachadh agus Riaghailtean Dealbhaidh Leasachaidh co-cheangailte riutha. Bidh seo a’ brosnachadh siostam air a stiùireadh le plana far a bheil planaichean stèidhichte air àite, stèidhichte air daoine agus le fòcas air lìbhrigeadh. Bidh planaichean san stoidhle ùr a’ cur ris an fhòcas air conaltradh coimhearsnachd agus a’ freagairt air a’ cho-theacsa ionadail a tha gu sònraichte iomchaidh do choimhearsnachdan eileanach leis an t-suidheachadh sònraichte aca.

Gealltanas 3.12 Le ùmhlachd do riatanasan mar a tha air am mìneachadh ann an cùmhnantan Seirbheis Aiseig Chluaidh is Innse Gall agus cùmhnantan Seirbheis Aiseag nan Eileanan a Tuath, feuchaidh sinn an-còmhnaidh ri cùisean co-cheangailte ri bathar a leasachadh agus thèid sinn an sàs gu for-ghnìomhach le companaidhean aiseig, coimhearsnachdan agus luchd-ùidh mar a bhios iomchaidh.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha Còmhdhail Alba a’ cumail orra ag obair gu dlùth le Stòras Mara Cailleannach Eta (CMAL) agus le luchd-ruith nan aiseagan againn gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ris na dùbhlain a tha mu choinneamh lìonra nan aiseagan againn, agus leanaidh iad orra a’ coimhead air bàtaichean ath-làimhe iomchaidh ma bhios iad rim faighinn air prìs reusanta agus le teirmichean iomchaidh.

Tha ar companaidhean aiseig ag obair le prìomh luchd-ùidh, a’ gabhail a-steach an fheadhainn ann an roinnean tuathanachais is tuathanais-uisge, gus riaghladh èifeachdach a dhèanamh air sgaoileadh bathair air feadh an lìonraidh. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt bathar gu tìr-mòr agus an caochladh, a’ dèanamh cinnteach gun ruig bathar is seirbheisean ro-chudromach na coimhearsnachdan eileanach againn. Tha Còmhdhail Alba a’ cumail orra ag obair le CMAL agus na companaidhean gluasad bathair gus sùil a chumail air comasan-lìbhrigidh bathair. Tha eisimpleirean de seo bho chionn ghoirid a’ gabhail a-steach mar a fhuaireadh am MV Arrow, agus an MV Alfred air mhàl.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top